Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe
■ Chaidh ceannardan ùra a thaghadh le Mòr-Dhàil Nàiseanta a’ Phobaill ann an Sìona. Bidh seo a’ tachairt aon turas gach deich bliadhna.
■ Anns a’ bheachd aig dràibhearan Albannach san AA, is iad rathaidean Alba as miosa anns an Rìoghachd Aonaichte.
Advertisement
Hide Ad■ air Di-Ciadain 20 Màrt aig 5.15, aig 27 Ceàrnag Sheòrais ann an Oilthigh Dhùn Éideann, bidh an t-Ollamh Mairéad Nic Craith á Oilthigh Heriot Watt a’ bruidhinn air “Exploring Cultural Heritage from the Perspective of Human Rights” anns an t-sreath òraidean Soillse.
■ Fhuair boireannach á Fìobh dà bhliadhna prìosain air son maoidheadh bàis a chur le e-mèil gu Ceann-Suidhe Obama, agus air son innse gu breugach gun robh bomaichean a’ dol a spreadhadh ann an grunnan ambasaidean Ameireaganach.
■ Cumaidh Riaghaltas na h-Alba co-chonaltradh ri muinntir Ratharsair feuch am bi iad air son an t-eilean aca fhéin a ghabhail thairis agus a ruith. Bhiodh sin mar aonan á trì roghainnean gus cùis nan còraichean seilge a réiteachadh.
■ Air Di-Màirt 19 Màrt, ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Sràid Berkeley, bidh an t-Oll. Uilleam MacGill’Ìosa a’ bruidhinn ri Comann Gàidhlig Ghlaschu air a’ chuspair “Two Early Gaelic Poets: ‘Am Bàrd Ruadh’ and ‘Am Bàrd Mac an t-Saoir’”.