Gaelic: Leabhar mu obair na feamad a tha cho làn ri ugh gille-Brìghde de rudan math
Ach bha esan ag obair aig companaidhean a choisinn àit’ ann an eachdraidh: an Albion Motor Company, General Motors, an African Lakes Corporation, an Anglo-Iranian Oil Company!
Bhuail an smuain sin orm ’s mi a’ leughadh Ceilp le Richard Devéria. Oir ged a tha Devéria math air làithean tràtha na ceilpe tha e math dha-rìribh air na bliadhnachan mu dheireadh, an uair a chaidh Alginate Indusries a reic ri Kelco, a bhuineadh do Mherck, a reic e ri Monsanto, etc.
Advertisement
Hide AdTha Devéria a-muigh an-sin leis fhéin, a’ sgrìobhadh ’s a’ foillseachadh leabhraichean car teicnigeach mu eachdraidh economaigeach na Gaidhealtachd ann an Gàidhlig. Tha leabhar eil’ agam an àiteigin mu cheilp, ach cha bhuin e dhan latha an-diugh mar a bhuineas am fear seo.
Tha fios gu bheil rud na dhà a dhìth air Ceilp; mar eisimpleir cha do mhìnich duine riamh dhan ùghdar mun diofar eadar “loisg iad an fheamainn” (aon uair) agus “loisgeadh iad an fheamainn” (iomadh uair). Ach cha bu chòir dhuinn a bhith ’n dùil ri grinneas cainnte bho luchd-saidheans ann an cànain sam bith – am bu chòir? Agus mar fhear (eu-coltach ri m’ athair) a tha cur an luach as motha ann an eachdraidh shòisealta, tha mi ag ionndrainn guth drùidhteach Dhòmhnaill Iain ’ic Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh ann an ‘Òran an Fheamnaidh’:
Ochòin, a chiallain, gur mì tha cianail
’S mi ’n-seo gam riasladh am bial na Cròice . . .
Ach tha Ceilp cho làn ri ugh gille-Brìghde de rudan math – eachdraidh mhionaideach, reifreansan, dealbhan, agus bloighean agallamhan a rinn an t-ùghdar ri seann cheilpearan á Bail’ Ailein ’s á Beàrnaraigh na Hearadh. Tha e foillsichte le Capercailzie Publications ach tha e ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean air £5.