Ceannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig
Leigidh Iain Aonghas MacAoidh a dhreuchd dheth anns a’ Mhàrt, agus théid Iain Caimbeul, a tha an-dràsta ’na chathraiche air a’ Bhòrd, ’na àite mar cheannard an uair sin.
Chaidh an naidheachd a sgaoileadh tràth agus am Bòrd air son leantaileachd a ghléidheadh ann an dreuchd a’ cheannaird ’s ann an obair na buidhne.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdMhìnich Mgr Caimbeul, a tha air a bhith ’na bhall den Bhòrd bho 2011 ’s ’na chathraiche bho 2013: “Tha sinn air son cùisean a bhith ciallach agus cothromach. Bidh tìde againn mar sin air gnothaichean atharrachadh gu dòigheil.”
Sann á Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a-Deas a tha Mgr Caimbeul. Thug e sia bliadhna sa Chabhlach Rìoghail agus beagan bhliadhnachan ’na mhanaidsear air tuathanas éisg mus d’thug e a-mach ceumannan ann an leasachadh dùthchail agus econamachd. Chuir e companaidh rannsachaidh air dòigh, Hecla Consulting, a’ tairgse sheirbheisean do phròiseactan leasachaidh, ’s bho 2010 tha e air a bhith ’na àrd-mhanaidsear air a’ bhuidheann rannsachaidh Soillse.
Tha e a’ gabhail an obair ùr os làimh aig àm ’s gu bheil comharraidhean dòchasach gu bheil leasachaidhean ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tighinn gu buil, gu h-àraid anns na bailtean móra, ged a tha cuid fhathast car iomagaineach mu chrìonadh na cànain sna coimhearsnachdan dualchasach. Mhol e na buannachdan a nochd ré an àm a tha Mgr MacAoidh air a bhith os cionn a’ Bhùird, agus thuirt e: “Tha mi faicinn tòrr chothroman an lùib na tha dol air adhart an-dràsta agus ginealach ùr de dhaoine òga againn le Gàidhlig. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun cum an fheadhainn òg am misneach ’s gu bheil an cànain làidir mun cuairt orra sna coimhearsnachdan ùra.
“Aig a’ cheart àm bu chòir dhuinn a bhith mothachail air an dìleab mhór a thàinig a-nuas bho na sinnsearan againn fhìn. Feumaidh sinn uile obrachadh còmhla. Tha buidhnean eil’ ann, leithid Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean, a tha air fìor obair mhath a dhèanamh.”
Bidh BnaG a’ tighinn fo chuideam àireamh an luchd bruidhinn àrdachadh, ged nach eil dùil gun téid am maoineachadh (mu £5 millean sa bhliadhna) a tha e làimhseachadh os leth Riaghaltas na h-Alba àrdachadh móran.